Ceannaich mo chèile dealbh eile air e-bay agus abair sealladh inntinneach a th’ ann. Seo staisean nan trèanaichean ann an 1913. Dìreach mar a tha e fhathast an-diugh bha aig an trèan gu Inbhir Nis a bhith a’ feitheamh gus an tàinig an trèan gu Obar Dheathain, chan eil ach loidhne singilte eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. 1913, dè bha a’ dol a thachair dha na daoine san dealbh seo tron chiad chogadh mhòr?
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!