Taibhse air a' phrìomh shràid

Uaireannan chì thu taibhse air a’ phrìomh shràid. Gach turas a bhios bùth air choreigin a’ faighinn ath-nuadhachadh chì thu boillsgeadh den àm a dh’fhalbh. ‘S e bùth air leth a bh’ ann an Rose Brothers agus bha e fhathast a’ dol nuair a thàinig mi gu Inbhir Narann ann an 1980. Aig an àm ud bha a h-uile bathair agus goireas ri fhaighinn anns a’ bhaile agus cha robh feum agad a dhol gu Inbhir Nis idir. Abair dà latha. ‘S e bùth grosaireachd agus Delicatessen a bh’ann. A nis gheibh thu brògan na bhroinn.

 

Ùbhlan

‘S e deagh bliadhna a th’ann ma tha thu measail air ùbhlan. Turas eile tha pailteas dhiubh ann an Inbhir Narann. thàinig na fèidh a-steach agus dh’ithe iad feadhainn de na duilleagan ach cha do ghabh iad na measan. As t-earrach ge-tà tha iad buailteach a bhith an sàs an rùisg agus leis a sin cha bhi dad sam bith agaibh gun dhìon air choireigin aig bonn a h-uile craoibh. Chan eil fhios agam den seòrsa ùbhlan a tha san deilbh ach chan eile iad buileach deiseil fhathast, tha feum air reothadh saoilidh mi agus an uair sin bidh iadsan a’ dol dhachaigh còmhla rium cuideachd. Bha liosta agam air a h-uile seòrsa a th’ agamsa ach chaidh e air chall. Co-dhiù tha iad uile blasta nuair a thèid iad air an abaicheadh, ge b’ e den ghnè a th’annta.

 

1913 Shuas aig staisean nan trèanaichean

Ceannaich mo chèile dealbh eile air e-bay agus abair sealladh inntinneach a th’ ann. Seo staisean nan trèanaichean ann an 1913. Dìreach mar a tha e fhathast an-diugh bha aig an trèan gu Inbhir Nis a bhith a’ feitheamh gus an tàinig an trèan gu Obar Dheathain, chan eil ach loidhne singilte eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann.
1913, dè bha a’ dol a thachair dha na daoine san dealbh seo tron chiad chogadh mhòr?

 

sgòthan mòra dubh

Uill, tha e air a bhith a’ cur sneachd an diugh, bha agam a dhol gu Obar Dheathain mar a b’ àbhaist dhomh ach shaoil mi gum biodh cus sneachd air an loidhne eadar Keith agus Inbhir Uairaidh agus mar sin dh' fhuireach mi aig an taigh. Chaidh mi sìos dhan tràigh agus abair sgòthan mòra dubh a bha a’ tighinn oirnn bhon taobh a tuath. A-nochd tha faisg air sia òirlich air an talamh ged ‘s a tha A96 fosgailte agus tha a mhòr chuid de na rathaidean sa bhaile sàbhailte ach ma chuireas e mar a tha e an dràsta fad na h-oidhche bidh obair mhòr turas eile aig balaich na Comhairle sa mhadainn

 

Tha cuisean gu math cruaidh airson luchd-bùtha ann an Inbhir Narann. Bidh a h-uile mac mhàthar a’ dol gu Inbhir Nis, ach chan bhi iad a’ dol taobh a-staigh a’ bhaile ud. Bidh iad toilichte leis na bùthan mòra san ‘retail park’ aig iomall Inbhir Nis. Nuair a bha ar cuid bùthan a dùnadh sìos cha tuirt na luchd-bùtha ann an Inbhir Nis dad. A-nis tha fiù ‘s na bùthan sa mheadhan Inbhir Nis a’ fulang bho a leithid Tesco agus B&Q.
Tha grunn bùthan ann an Inbhir Narann air a bhith fosgladh a rithist ach chan e gu tric re an latha ach chì thu iad a’ dèanamh deiseil airson an t-saoghail sia uairean nuair a bhios iarrtas airson ‘bidhe-luath’.

 

Fhathast fiadhaich

Saoilidh mi nach eil an sneachd fada a-mach bhuainn, tha mi a’ dol dhachaigh a-nis airson cupa tì agus sgrìob air loidhne.

 

Taobh a-muigh roimhe bhracaist

Uill aig an am seo den bhliadhna chan eil thu fada bho rudeigin sònraichte sna speuran mas tèid thu taobh a-muigh roimhe bhracaist.

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca ann an 'Tìr nam blòg'United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Mu mo dheidhinn
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates